(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Beatha Iain Bhuiniain"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/beathaiainbhuiv21848doec 



lù 



BEATHA 



IAIN BHUINIAIN 



EADAR-THEANGAICHTE 

Lb DONNCHADH MAC DHUGHAILL. 



DUN-EDIN : 

Clo-bhuatlte air son an Eadar-theangair, 
LE THORNTON AGUS COLLIE, 

AN SRAID DHAIBHIDB, AN NAOMH. 

1848. 



PREFACE. 



John Bunyan died August 31st, 1688, aged 60 years. 
He wrote sixty different works between 1656, and the 
time of his death. Of these he published 45 during 
his lifetime ; leaving 15 more in manuscript. 

In the year 1692, his friend Charles Doe collected a 
number of his works in one large volume, in folio ; 
with a Life of Bunyan, and a chronological list of his 
various works, including those left in manuscript. This 
volume contains twelve of the posthumous works which 
he obtained from the Author's family. The Heavenly 
Footman was not printed in that volume ; but Doe 
informs us that he purchased the copy from Bunyan's 
eldest son, John, in the year 1691. He afterwards 
published it, with the life, list, &c, in the year 1698. 

Doe was the intimate friend of Bunyan, and he relates 
several interesting particulars concerning him during the 
time of his imprisonment. He informs us that he 
became acquainted with Bunyan, while the latter was 



in Bedford Jail ; but it is not very certain whether Doe 
was a prisoner there, or not. 

In speaking of the long and cruel imprisonment ot 
twelve years and a half, which Bunyan suffered, under 
that cruel and arbitrary government, we find many 
proofs of the calmness and Christian fortitude which 
supported his mind under that dispensation, in his 
" Prison Meditations" He felt that he was suffering 
in a good cause ; and found that his enemies could not 
deprive him of that peace of mind that he enjoyed in 
the full assurance that he had only done his duty, and 
that he was suffering for the Truth. It is consoling to 
see how the good man bore his sufferings with that 
meekness and resignation, which his persecutors could 
not take away, and which the world could not give. 

Our Translator has used the second edition of the 
Heavenly Footman, printed at Edinburgh, in the year 
1702. He has endeavoured to give the Author's meaning 
as nearly as the various idioms of the two languages 
would admit, without following the exact order of words, 
or the peculiar phraseology of the original. 

Glasgow, October 1848. 



BEATHA IAIN BHUINIAIN. 



p UGADH Iain Buinian ann an Elstow, an 
_Ll> siorramachd Bhedford, dlùth air mile o 'n 
bhaile sin, anns a' bhliadhna 1628 ; bha phàrantan 
onarach ach cha robh moran do'n t-saoghal aca ; 
bha shinnsearrachd do'n ghinealach sin a bu suar- 
aiche na bu tàireile do theaghlaichean na tire. 'S 
e bu cheaird da athair a bhi càramh phoitean agus 
choireachan, agus se 'n ceard a theireadh iad ris. 
'Nis cha'n aithne dhomh cò anns an robh briathran 
abstoil mòr nan cinneach ni bu mhò air an nochdadh 
na ann an Iain Buinian ; 'na chèud chaibidil do'n 
cheudlitir chum nan Corintianach, 'siad so nafacail : 
Oir chi sibh fein bhur gairm, a bhraithre, nach 
iomadh iad a taglic a thaobh na feòla, nach ioniadh 
cumhachdach, nach iomadh uasal ataair an gairm ; 
ach ròghnaich Dia nitheamaideachant-s'aognail so, 
chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice ; 
ionnus nach deanadh feòil 'sam bith uaill'na fhian- 
uis: Agus bha esan ullatnh aig gach uile am air so 
aideachadh, chum gu'm biodh aig Dia glòir 'naghràs 
fein; oir ged nach robh a shinnsearrachd agus a 
bhreith ach bochd agus suarach, gidheadh b' e toil 
an Tighearna esan a thaghadh air thoiseach air 



9 BEATHA IAIN BUINIAN. 

mòran eile gu bhi na mheadhon chum mòran 
anamaibh a thoirt a dh'ionnsaidh Dhè\ Agus gu'm 
biodh gràs Dè bha air a thoirt dhàsan mòran ni 's 
mò air a mheudachadh ; bheir sinn beagan do chunn- 
tas aith-ghearr mu'n t-seòrsa duine bha ann mu'n 
d'f hoillsicheadh gràs Dè dha. 

Thug a phàrantan oidheirp air an ionnsachadh 
sin a thoirt dha bha comasach dhoibh a thaobh an 
staid, ga àrach suas ri leughadh agus sgriobhadh ; 
ach bha truaillidheachd a naduir cho mor, agus e 
toileach dol a dh'ionnsuidh gach uile olc, agus cha 
b'fhada gu's an do leig e as a chuimhne, a sgriobh- 
adh agus a leughadh, cha robh e ach glic amhàin 
chum uilc ; ach a dheanadh na dh'ionnsachadh an 
ni sin a ta math, cha robh an cridhe aige idir air a 
shon ; oir thug e thairis e fern direach na leanabachd 
gu mionnachadh, mallachadh, breugan, agus toibh- 
eum, 's bha iad tearc a bha co-ionann ris ann an 
aingidheachd ; tha cuimhne agam gu'n cuala mi e 'g 
ràdh le cràdh cridhe ; gu'm b' e peacach a bu mho 
's a' bhaile, 's e sin ra ràdh, neach a thugadh an 
aire dha, agus na aon a bha comharraichte air son 
aingidheachd, leis gach uile neach a bha anns a' 
bhaile anns an robh è: Gidheadh cha robh a 
choguis air a losgadh. 

Ach air son aingidheachdan uile, 's ged a bha e 
na pheacach ro mhòr, cha do thrèig an Tighearna e 
gu tur, ach bhiodh e ga leantuinn air uairibh le 
dearbhaidhean, agus air uairibh le breitheanais, ach 
gidheadh, iadsan anns an robh measgadh do throcair; 
thuit e uair èigin ann an geodha creige do'n mhuir, 
agus is ann air èigin a thearnadh e o bhi air a 
bhàthadh ; agus uair eile thuit e mach à bàta do 
abhainn Bhedford, agus bha e air a shàbhaladh on 
bhàs an sin mar an ceudna : Ach, mo thruaighe ! 
cha deanadh aon chuid tròcair na breitheanas a 
dhusgadh fathast, oir thug esan thairis e fem do 
ghràdh a pheacaidh, agus bha e suidhichte gu dol an 



BEATHA IAIN BUINIAN. 7 

deigh a pheacaidh ciod air bith an cruadal a choinn- 
icheadh e na shlighe. 

Gidheadh, cha d'fhàg Dia e gu'n fhianuis a bhi 
aige na anani, bha e trie ga bhacadh ann an aon 
doigh na doigh eile. Air dhà bhi aon latha a cluiche 
maUle ra chornpanaich, ghlaodh guth gu grad bho 
neamh ra anam, a'g ràdh, am fàg thu do pheacaidh- 
ean agus dol do neamh ? Na'n e 's fearr leat do 
pheacaidhean a bhi maille riut agus dol do'ifrinn ? 
Chuir so a leithid do uabhas air, 's gu'n d'fhalbh e 
gu'n dàil o' chluich, agus air dha amharc suas gu 
nèamh, shaoil e gu'm faca e an Tighearna Iosa a'g 
amharc a nuas air, mar aon a bhiodh ann an teas 
fèirge ris, agus e bagairt dioghaltais chràiteach air, 
air son a chleachduinnean mi-dhiadhaidh, 

Ach faicibh cuilbheartan Shàtain ! cha bu luaithe 
rinn so ni èigin do dhrùdhadh air 'inntinn, na chuir 
an diabhol na chuimhne gu'n robh e na pheacach 
anabarrach mòr, agus gu bheil e nis tuilleadh is 
anmoch air do shon 'sa bhi 'g amharc air son nèamh, 
oir nach deanadh Criosd tròcair air, 's nach mathadh 
e dha easantais. 

Agus cha bu ni 's am bith eile bha 'n so ach 
cleachduinn a ghnathaicheas an droch spiorad gu 
trie ; tha e 's a' cheud àite air son peacaich a tharr- 
uing gu bhi 'cur an gniomh gach uile aingidheachd, 
agus a stri ra thoirt orra dheanadh le'n uile thoil, 
agus an sin ga 'n earalachadh nach ruig iad a leas 
dòchas a bhi aca gu'n deanar tròcair orra; agus leis 
a sin 's trie a bhuadhaicheas e air peacaich chum 's 
gu'n rachadh iad air an aghaidh ann am peacadh. 
Agus be so an toradh a thug a' chuid so do obair 
Shàtain a mach air Iain Buinian ; gu'n robh e 'g 
amharc air fèin mar neach a pheacaich an taobh 
thall do thròcair; smaointich e ann fèin gu'n 
gabhadh e dhiol do'n pheacadh, 's gu'm be sin an 
aon toilinntinn amhain, a rèir coltais, ris an robh e 
toileach gu bràth gabhail. Ach chi sinn fathast na 



b BEATHA IAIN BUINIAN. 

toilinntinnean sin a pheacaidh, tre obair iongantach 
an spioraid naoimh, a bha gu trie o'n am sin air an 
deanamh searbh dhà, gu 's nach b'urrain e ach gle 
bheag toilinntinn a ghabhail annta. 

Eccles. x. 15 Sgithichidh saothair nan amadan 

gach aon diubh, do bhrigh nach aithne dha cionnas 
a thèid e do'n chaithir. Air dha aig àm àraidh a 
bhi dol air aghaidh ann an làn chursa pheacaidh, 
agus e taomadh a mach mhionnan coltach ris an 
f hear-chuthaich a tha Solamh labhairt uime, a tha 
tilgeil a steach culaidh bhuairidh, saighdean agus 
bàs; fhuair e achmhasan geur o bhoirionnach a bha 
na peacach comharraichte i fern, thuirt i ris, gu'm 
be 'n t-aon duine bu ghràineile mhionnachadh a 
chuala i riamh o'n a rugadh i ; agus, ars ise, ma 's 
e agus gu'm buanaich thu air an dòigh so, tha thu 
comasach air òigridh a' bhaile gu lèir a thruailleadh, 
ma's e 's gu'n tèid iad ann do chuideachd : Air 
do'n achmhasan so teachd o a leithid sud do 
bhoirionnach agus fios gu ro mhath aigesan gu'n 
robh i anabarrach aingidh agus mi-dhiadhaidh, 
lìonadh e le nàire dhiomhair ; agus dhrùidh e mòran 
ni bu truime air, na rinn mòran a bha air a thoirt 
dha roimhe sin leòsan a bhastuama agus diadhaidh. 
Agus thug e air a bhi guidhe gu'n b'fhearr leis nach 
robh riamh fios aige ciod e bhi na fhear-mionnach- 
aidh ; agus o'n am sin amach chum e air fèin ann 
an tomhas mòr uatha. 

Tha e fein ag innseadh, agus iongantas air, mar 
a thachair, gu'n do chuir e o'n uair sin cùl ra 
mhionnan, air dha bhi roimhe sin gach uair a labh- 
radh e a mionnachadh sa bòideachadh aig toiseach 
's aig deireadh gach facail, chum a chainnt ghràineil 
agus uabhasach a dhaingneachadh. 

Ann an uine ghèarr an deigh sin, thachair dha 
bhi ann an cuideachd aon duine bochd a bha 'g 
aidmheil na diadhachd, 's aig an robh còmhradh 
diadhaidh agus o' na sgriobtuirean a dhruidh gu 



BEATHA IAIN BUINIAN. 9 

mòr air, agus le mòr spèis do na labhair e thug 
Buinian thairis e fein gu bhi gabhail mòr thoil-inn- 
tinn ann a bhi leughadh a Bhiobaill, gu h-àraidh 
an eachdraidh dheth ; ach bha e fathast aineolach 
an da chuid air truailleachd agus aingidheachd a 
nàduir, agus air mòr-f heum agus luach Iosa Criosd 
a chum a thearnadh. 

Gidheadh, thoisich ni-eigin do ath-leasachadh 
air o'n leth a muigh, araon na chainnt ? s na ghiulan, 
agus an sin bha e air teachd a dh'ionnsuidh seòrsa 
creidimh a bha laghail ag oibreachadh air son 
beatha, agus a deanadh suas f ireantachd air a shon 
fein leis an ni sin, agus mar sin 'n uair a shaoileadh 
e gu'n robh e coimhead nan àitheantan, bha co- 
f hurtachd aige ; ach 'n uair a thachradh air uairibh 
gu'm bristeadh e aon diubh, an sin bhiodh a choguis 
fo dhoilghios agus fo thrioblaid, agus le bròn agus 
aithreachas, leigheisadh se e fein a rithist, agus 
smaointicheadh e 'n sin gun robh e toileachadh 
Dhè, agus gun robh gach uile ni gu math. 

Agus lean e air an dòigh so gu math dlùth air 
bliadhna, agus bha 'choimhearsnaich rè na h-ùine 
so ga ghabhail air son a bhi na f hior dhuine math, 
agus ag gabhail iongantais, ra ath-leasachadh, ged 
a bha e re na h-ùine cho fada o shlighe na beatha, 
sa bha e 'n uair a b' esan an neach a bu mhò mi- 
naombachd, oir labhair a bheul fein na briathran 
so uime fein ; bha chaithe-beatha 'nis air atharrach- 
adh cho mòr, is ged a dh'fhàsadh Tòmas Cuthaich 
na dhuine socair ciallach. Agus a nis an dream a 
labhradh gu h-olc uime roi 'n àm so, is ann a thois- 
ich iad air toirt cliu dha, agus ga mholadh ; ach 
air son an ath-leasachaidh a thainig airsan, is ann 
a sheid an t-ath-leasachadh, ud suas e le uaill, agus 
lìonadh e le cealgaireachd. 

Ach, mo thruaighe ! Cha robh anns an ni ud ach 
leum bharr meanglain a pheacaidh, am feadh a bha 
freumh an neo-ath-ghineamhuinn gun chaochladh. 



10 BEATHA IAIN BUINIAN. 

Cha robh e fada na dheigh sin, mar a dh-òrduich 
freasdal an Tighearna gun rachadh e gu Bedford 
chum oibreachadh air a cheaird, (bha e dh'aon 
cheaird ri 'athair na cheard) agus thachair air aon 
do shràidean a' bhaile sin gun tàinig e far an robh 
triùir na ceathrar do mhnathan bochda 'nan suidhe 
aig dorus anns a' ghrèin, a labhairt ra chèile mu 
thimchioll nithibh a bhuineas do'n Tighearna ; agus 
thug so air tarruing dlùth dhoibh, oir bha e mu'n 
am so air fàs treun air labhairt mu chreideamh agus 
mu nithibh diadhaidh, ach 'n uair a chuala e iad- 
san car beagan uine, mar a dh'aidich e fèin, chuala 
e gu dearbh, ach cha do thuig e, oir labhair iad air 
nithibh os-ceann a thuigse. Labhair iad mu thim- 
chioll na nuadh-bhreith, obair Dhè air an cridheach- 
an, agus mar a bha mothachadh aca air an staid a 
thaobh nàduir, bha iad a labhairt mu thimchioll 
mar a dh'fhiosraich an Tighearna an anamaibh le 
a ghràdh troimh an Tighearna Iosa Criosd, agus 
mu thimchioll nam briathran agus nan geallaidhean 
o'n d'fhuair iad ùrachadh, neart, co-fhurtachd, 
agus cuideachadh an aghaidh buairidhean Shàtain; 
bha iad mar an ceudna 'reusonachadh air na sanuis 
agus buairidhean an droch aoin gu h-àraidh, agus 
ag innseadh da chèile na nithibh a chuir doilghios 
orra, agus mar a bha iad air an cumail suas an 
aghaidh a dhroch oidheirpean, agus chuala e mar 
an ceudna iad a co-labhairt mu thimchioll truaigh- 
ean an cridheachan fèin, am mi-chreideamh, agus 
a diteadh's a gèur-fhuathachadh am fireantachd 
f èin, mar ni salach agus neo-f hoghainteach chum 
math sam bith a dheanadh dhoibh. Agus thaisb- 
ean so dhasan a bhi air a labhairt le 'leithid do 
ghuth gairdeachais, agus le a leithid do chainnt 
thaitneich o 'n sgriobtur, agus le 'leithid do choltas 
gràis anns gach ni a' labhair iad, is bha iad na 
bheachd mar gu'm biodh iad an deigh saoghal 
nuadh f haotainn ; mar gu'm biodh iad 'nan sluagh 



BEATHA IAIN BUINIAN. 11 

a bha gabhail còrahnuidh air leth., 's nach robh air 
a' meas am measg an coimhearsnach. Air. xxiii. 9. 
B' ann o 'n cho-labhairt so bh' acasan, a thòisich 
e air faireachduinn crith, agus gluasad neo-àbhaist- 
each na chridhe fèin, agus is ann an sin a thoisich 
e ribhi gafhèin-cheasnachadh fèin; leisa sinfhuair 
e amacb nach robh a staid idir co math sa bha duil 
aige ; do bhrigh na uile smaointean timchioll air 
diadhachd agus slàinte., cha tàinig an nuadh-bhreith 
riamh na inntinn, is mar sin fhuair e amach gu'm 
bu ni sin air an robh e gu tur na choigreach agus 
gun robh e aineolach air, ni mò bha eòlas aige air 
comhfhurtachd o 'n f hocal rao'n a geallaidhean, 
na air cealgaireachd agus foilleileachd a dhroch 
cridhe fe'in. Air son smaointean diomhair cha tug 
e riamh an aire dhoibh, ni mò thuig e idir ciod bu 
chiall do bhuairidhean Shàtain, na cia mar a thuig- 
eadh e iad, na chuireadh e nan aghaidh. Ach gidh- 
eadh, bha 'n conaltradh so bha aig na mnathan 
udairdrudhadh air gu trom, agus bha e ro thoileach 
gun cluinneadh e tuilleadh mu na nithibh so ; agus 
uime sin, chleachd e gu trie a bhi dol an cuideachd 
na muinntir ud, oir bhuin an Tighearna ra chridhe 
leis a' chonaltradh sin ; oir bha e air aomadh gu 
bhi dol maille riu. Agus bha inntinn cho durach- 
dach chum eolas f haotainn air na nithe so, gus an 
robh a chridhe coltach ri deal-each air a chuisle, 
"agèigheach, Tabhair, Tabhair," Gnàth. xxx. 15. 
cho dian 's nach robh ni sam bith a thoilicheadh e 
ach diomhaireachd a chreidimh a bhi air a thaisb- 
eanadh na chridhe fèin ; ionnus gun robh anam 
cho suidhichte air siorruidheachd, agus airnanithibh 
a bhuineas do rioghachd Dhe, co fada sa bha fios 
aig air, air chor 's nach deanadh toilinntinn, buan- 
nachd, comhairlean, na bagraidhean toirt air a 
ghrèim a leigeil as ; a mheud as gun cuala mi e 'g 
radh, gu'm biodh e aig an àm sin cho deacair 'inn- 
tinn a thoirt o' neamh gu talamh, mar a mhothaich 



1 2 BEATHA IAIN BUINIAN. 

e iomadh uair o 'n àm sin a thoirt o 'n talamh gu 
nearah. Ach an deigh do ghràs diadhaidh mar so 
a bhi air 'f hadadh na chridhe, dh' f heuchan diabhol 
gu cruaidh le iomadh gaoth bhuaireasach chum an 
gràs a sheideadh amacli a rithist ; a toirt air iomadh 
fàth-gearain a bhi aige na aghaidh fein, gun robh e 
air a thilgeil air falbh, agus na neach aig nach robh 
creideamh idir, agus aig nach b' urrainn gu bràth a 
bhi, do brigh 's nach robh e air a thaghadh. 

Bha e ùine f'hada fo thrioblaid le buairidhean a 
bha ro ghoirt, mar a thubhairt mi roimhe so ; agus 
bha tri nithe a ghnathaich am buaireadair chum 
esan f heuchainn ; bha aon ni mòr ann, a bhi ga 
cheasnachadh fein dh'fheuch an robh creideamh 
aige; bha 'leithid so do do smaointean a teachd 
trie na inntinn ; cia mar a tha thu dh'easbhuidh 
creidimh ? Agus cia mar is urrainn duit innseadh 
nach eil creideamh agad ? Bha so ga chur gu mòr 
ioma-chomhairle ; seadh, cha robh fios aige gun 
robh creideamh aige ; gidheadh bha e faicinn le bhi 
as eugmhais gun robh e coltach ris gu'm biodh e 
marbh gu siorruidh. Ged a bha e mar so an toiseach, 
toileach amharc thairis air, gidheadh bhiodh e 
smaointeachadh gu'm bu mhòr an toradh a bhiodh 
aige nam biodh e cinnteach as an ni so; uime sin, 
bha e toileach e fein f heuchainn co-dhiùbh a bha 
creideamh aige no nach robh. Ach am feadh a bha 
e smaointeachadh cia mar a bheireadh e deuchainn 
a bhiodh taitneach do'n ni so, rinn am buaireadair 
stri dh' f heuch am faigheadh e an làmh an uachdar 
air, a teachd a steach le chealgaireachd, nach robh 
dòigh sam bith aige leis am feuchadh e co-dhiù bha 
creideamh aige no nach robh, ach e thoirt deuchainn 
an oibricheadh e ni-eigin do mhiorbhuile ; agus cha 
robh sgriobtur a dh' easbhuidh air chum a chuid- 
eachadh ; oir mar a bha e fiaradh nan sgriobturean, 
'n uair a dh' f heuch e ri ar Tighearna beannaichte 
bhuaireadh, ghabh e mar an ceudna briathran an 
t-Slanuighear bheannaichte chum a sheirbhiseach a 



BEATHA IAIN BUINIAN. 13 

bhuaireadh 'g a bhrosnachadh, (Mat. xvii. 20.) 
Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne 
mustaird, theireadh sibh ris a' bheinn so, atharraicli 
à so an sud, agus dh' atharraicheadh i ; agus cha 
bhiodh ni sam bith eu-comasach dhuibh. Chaidh 
am buaireadh so air aghaidh cho fada ann air 
dha bhi air latha àraid eadar Elstov; agus Bed- 
ford, bha am buaireadh dian air 's an am sin, a dh' 
fheuchainn an robh creideamh aige le cuid do 
mhiorbhuillean a dheanamh ; bha e dol a ràdh ri 
clàbar, agus ri lodain bheaga do uisge a bha na 
laidhe ann an lorgan chasan nan each, bithibh 
tioram ; agus direach mar a bha e dol a labhairt, 
thàinig na smaointinn so steach na inntinn, dean 
urnuigh an toiseach, gun deanadh an Tighearna 
thu comasach ; agus 'n uair a bha e dol a dheanamh 
mar so, bha ni-eigin do bhrosnachadh diomhair a 
bha cuideachadh leis 's ag ràdh ris gun a chreideamh 
a chur gus an deuchainn ud. Agus bhuanaich e 
mar sin car beagan ùine fo chall mòr, nach robh fios 
aige co-dhiu bha creideamh aige no nach robh. 

Air am àraidh nochdadh staid shona an t-sluaigh 
bhochd ann an Bedford dha ann an seorsa do thais- 
beanadh mar a leanas; air leis gu'm faca e iad air 
slios grianach a bha anabarrach boidheach air taobh 
beinne ro àrd, mar gu'm biodh iad ga'n grianadh 's 
ga'n neartachadh fèin fo ghathan blàth na grèine ; 
air leis gun robh e fèin na chreutair truagh, air 
chrith, agus na chruban leis an f huachd, ga chràdh 
le reodbadh 's le cloich shneachda, agus le neoil a 
bha oillteil dorcha; air leis mar an ceudna gu'm 
faca e balla mòr àrd eadar e fèin agus iadsan, agus 
bha 'm balla so dol timchioll na beinne gu leir ; bha 
e ag amharc orra agus bha mòr dhèidh aig anam air 
faotainn a steach thar a' bhalla so, chum 's gu'm 
biodh e sealbhachadh solus agus blàthas o'n ghrèin 
mar an ceudna. 

Chaidh e uair agus uair timchioll a' bhalla a 



1 4 BEATHA IAIN BUINIAN. 

deanamh urnuigh do ghnàth mar a bha e dol air 
aghaidh, agus e sior amharc dh' f heuch am faiceadh 
e dorus na slighe 'sam bith fosgailte air am faodadh 
e dol a steach. Cha d' f huair e dorus na fosgladh 
's am bith rè uine mhòir ; ach fa dheireadh air leis 
gu'm faca e mar gu'm b'eadh beam chumhan mar 
gu'm biodh dorus beag air a' bhalla, agus thug e 
oidheirp air dol a steach air ; bha 'n dorus cumhan, 
agus thug e iomadh ionnsuidh dh' f heuch am faigh- 
eadh e steach ; ach bha uile shaothair an diomhanas: 
fa dheireadh,, le cruaidh ghleachd, air leis gu'n 
d'fhuair e *n toiseach a cheann a steach, agus an 
deigh sin le spàirn mhòir agus co-stri dhian, gu'n 
d'fhuair e air a leth-taobh a ghuailnean a steach, 
agus an sin ann an tiota bha' chorp gu h-iomlan a 
steach; an sin bha e fo mhòr shubhachas agus bha 
aoibhneas anabarrach air ; agus an sin air leis gu'n 
d' imich e agus gu'n do shuidh e sios 'nam meadhon, 
agus gu'n d' f huair e solus agus solas do-labhairt o 
theas na grèine. 

A nis 's ann mar so a mhinich e dhomh a ni bha 
bheinn agus am balla mòr a bha timchioll oirre a 
ciallachadh, thuirt e gu'n robh a' bheinn a samhlach- 
adh eaglais an Dè bheò, agus gu'm b' esan a' ghrian a 
dhealraich oirre, agus be gnùis ghlòrmhor agus 
ghràsmhor an Dè bheò a dhealraich orrasan a bha 
chòmhnuidh air a' bheinn; agus b'e 'm balla an 
saoghal a tha cur dealachaidh eadar Criosduidhean 
agus sluagh an t-saoghail so; shaoil e gu'm b'i 
bhearn a bha anns a' bhalla, losa Criosd, a ta' na 
shlighe chum an Athar, {Eoin. xvi. 6. Mat. vii. 14.) 
A nis air do'n dorus a bhi anabarrach cumhan air 
chor is nach b' urrainn neach dol a steach air ach 
le cruaidh spàirn, leigeadh ris dha nach robh e 
comasach gun rachadh aon neach a chum beatha, 
ach iadsan a bha air an co-chumadh ris an dorus, 
agus a dh'f hàg an saoghal aingidh air an cùl ; do 
bhrigh nach gabhadh an dorus a steach ach corp 



BEATHA IAIN BUINIAN. 15 

agus anam a mhain, oir cha robh àite ann no rum 
do chorp do anam, agus do 'n pheacadh. 

Ghabh an samhladh ud còmhnuidh air inntinn 

fad iomadh latha, agus re mòran ùine bha e ga 

f haicinn fèin ann an cor truagh, agus caillte, agus 

bha e air a bhrosnachadh le mòr mhiann agus dèidh 

gu bhi do'n àireamh ud a bha 'nan suidhe gu sòlas- 

ach fo ghathaibh blàth na grèine ; thoisich e o 'n 

am so air a bhi deanamh ùrnuigh ge b' e aite anus 

am biodh e, cò-dhiù. a b' ann *s an tigh na 'sa 

mhachair, agus bu ghnàth leis mar an ceudna 'n 

uair a dh' èireadh a chridhe' suas a' chuid so do'n 

aon salm deug thar an da-fhichead a sheinn: — 

" Dean tròcair orm a Dhè nan gràs," oir dh' innis 

a bheul mu'n am ud nach robh fios aige c'àit' an 

ròbh e. Cha d' f huair e fathast ni sam bith a bha 

toirt dearbhaidh dha gun robh creideamh aige ann 

an Criosd ; ach an àite dearbhaidh f haotainn an 

robh creideamh aige ann an Criosd. 'S ann a bha 

anam air a bhualadh le teagamhan as ùr cò-dhiù 

bhiodh e sona gu siorruidh no nach biodh, gu 

sònruichte a smaointeachadh air an dòigh so — 

" Cò-dhiù bha no nach robh e air a thaghadh ; agus 

ciod a dheanadh e ma bha latha nan gràs a nis air 

dol seachad ?" Bha e gu trie air a bhualadh le bhi 

cur an teagamh nach robh e air a thaghadh ; agus 

bha 'n Sgriobtur so do ghnàth 'tighinn na bheachd 

mar an ceudna, agus a saltairt sios air uile mhiann ; 

M Chan ann o'n ti leis an àill, no o'n ti a ruitheas 

ach o Dhia a ni tròcair." Rom. ix. 16. Bha e 'g 

ràdh leis an sgriobtur, so nach b'urrainn e innseadh 

ciod a dheanadh e : air dha bhi faicinn gu soilleir, 

mar a deanadh Dia o a shaor-thoil fèin a thaghadh 

gu bhi na shoitheach tròcair, bha e faicinn ged a 

bhiodh e 'g iarraidh sa' miannachadh s'agoibreachadh 

gus am bristeadh a chridhe nach robh ann dha ach 

neo-ni ; ghlaodh e 'n sin, O Thighearna, ciod a ni 

mi mur am beil mi da-rireadh air mo thaghadh ? 



16 BEATHA IAIN BUINIAN. 

Theagamh nach eil arsa Satan? Thubhairt esan 
faodaidh e bhith gu'm bheil a' chuis mar sin. Ma 
ta, arsa Satan, is co math dhuit stad dheth, gun a 
bhi stri nis faide ris ; oir mu'r a bheil thu gu cinnt- 
each air do thaghadh le Dia, cha'n eil dòchas 
gu'm bi thu air do thearnadh, " Oir, cha 'n ann o 
'n ti leis an àill, no o'n ti a ruitheas, ach o Dhia a 
ni tròcair." 

Agus a chum a thrioblaid an-tromachadh, thug 
Satan a chuideachd mhath so ann am Bedford na 
chuimhne, agus chagair e ris mar so, a thaobh gu'n 
robh iad sud air an iompachadh cheana, cha tearuinn 
Dia tuilleadh as an àite so ; agus bha thusa tuilleadh 
is fada gu'n tighinn ann, oir fhuair iadsan am 
beannachadh mu'n tàinig thusa. Chuir sud e fo 
àmhghar mòr, gu'm faodadh a' chuis a bhi nor; 
thug sud air a bhi glaodhaich a mach ! O nach 
robh mi air mo thionndadh ni bu luaithe ! O nach 
robh mi air tionndadh seachd bliadhna roimhe so ! 
Bha e mar so ann am fearg ris fèin, is e do ghnàth 
a smaointeachadh gu'm bu truagh e bhi cho gòrach 
's gu'n do chaith e aimsir air falbh an diomhanas, 
gus an do chaill e fa dheireadh 'anam agus neamh. 
Ach thug an Tighearna co-fhurtachd dha 'n uair a 
bha e ga shàrachadh, thugadh misneach dha o'na 
focail so : "A Thighearna rinneadh mar a dh' 
òrduich thu, gidheadh, tha àite falamh ann fathast, 
co-eignich iad gu teach d a steach, chum gu'm bi 
mo thigh air a lionadh," Luc. xiv. 22, 23. Thug 
na briathran ud misneach mhòr dha, agus chaidh e 
air aghaidh le mòr cho-fhurtachd, n uair a 
smaointicheadh e gu'n do labhair an Tighearna Iosa 
iad a dh' aon ghnothach air a sgàth-san, oir shaoil 
e da-rireadh gu'n do labhair e iad chum misneach a 
thoirt dha leo. Cha robh e dh' easbhuidh bhuair- 
idhean a chum dol air ais; seadh, buairidhean 
mar a thuirt e fèin : " Bha araon Satan, mo chridhe 
fe*in, agus mo luchd-eolais feòlmhor ag oibreachadh 



BEATHA IAIN BUINIAN. 17 

le chèile agus ga m' lionadh làn do bhuairidhean;" 
ach tha e toirt buidheachais do Dhia, gu'n tugadh 
buaidh orra sin leis a' bheo-mhothachadh a bha aige 
air a' bhàs, agus air latha 'bhreitheanais, a dh' f han 
do ghnàth fa chomhair a shùl. Bhiodh e smaoint- 
eachadh gu trie air Nebuchadnesar, mu'n dubhradh : 
" Thug an Dia is àirde dha rìoghachd, mòrachd, 
glòir, agus onair, agus air son na mòrachd a 
thugadh dha bha crith air na h-ui]e shluagh, " 
(Dan. v. 18, 19.) Bha e smaointeachadh ma f huair 
an duine mòr ud a chuibhrionn gu leir anns an 
t-saoghal so, chuireadh aon uair ann an tein'-ifrinn 
gach ni dhiu sud as a chuimhne. Bha na smaointean 
ud 'nam mòr bhuannachd dha. 

Mu'n am so bha e gu math dlùth air a bhi faicinn 
ni-èigin mu thimchioll nan ainmhidhean a mheas 
Maois glan agus neo-ghlan; shaoil e gu'm bu 
shamhlachan air daoine na h-ainmhidean glan 's 
gu'n robh iad nan samhlachan air pobull Dhe; 
agus na h-ainmhidhean neo-ghlan nan samhlachan 
air clann an droch spioraid. Bha e leughadh, " gun 
cnàmhadh na h-ainmhidhean glan an cir," se sin, 
ars' esan, a tha so a nochdadh dhuinn, gu'm feum 
sinn beathachadh air focal Dhè; "roinn iad an 
iongha" mar an ceudna, shaoil e gu'n robh sin a 
leigeil ris dhuinn gu'm feum sin dealachadh ri 
sligheachan dhaoine ain-diadhaidh mas àill leinn a 
bhi air ar tearnadh. Agus air a' mhodh cheudna 
air dha leughadh ni b' fhaide air aghaidh mu'n 
timchioll, chunnaic e, ged a chnàmhamaid a' chir 
mar ni mhaigheach, nan siùbhlamaid le spàg a' 
mhadaidh, na ged do roinneadhmaid an iongha 
mar a ni mhuc ; gidheadh, mar a cnàmhamaid a' 
chir mar ni chaora, gu'n robh sinn fathast 'n ar 
creutairean neo-ghlan: shaoil e gu'n robh a' 
mhaigheach 'na samhla orrasan a bhios a labhairt 
mu'n fhacal, gidheadh, a bha siubhal ann an cas- 
cheumaibh a' pheacaich; agus chunnaic e gu'n robh 

B 



18 BEATHA IAIN BUINIAN. 

a 5 mhuc coltach ris an ti a bha cur cù.1 ri truailleachd 
o 'n leth a muigh, ach a bha as eugmhais focail a' 
chreidimh, 's le bhi as eugmhais nach robh seol air 
slàint' f haotainn, ciod air bith cho cràbhach sa bhios 
duine. (Deut. xiv.) Fhuair e a mach an deigh so 
le bhi leughadh an f hocail gu'm feumadh iadsan a 
bhiodh air an glorachadh maille ri Criosd ann an 
saoghal eile, " bhi air an gairm leis anns an t-saoghal 
so," seadh air an gairm chum a bhi nan luchd- 
comhpairt do roinn do f hocal agus do f hireantachd, 
do eho-fhurtachd, agus ceud thoradh an spioraid, 
ni a ta deanamh an anama deas fa chomhair 
suaiinhneis, agus na dachaidh glòrmhoir a ta 
anns na neamhaibh shuas. Air uairibh eile dh'inn- 
seadh e 'chor do phobull an Tighearna; agus 'n 
uair a chluinneadh iad an staid anns am biodh e, 
ghabhadh iad truas dheth, agus bhiodh iad ag 
innseadh dha mu thimchioll nan geallaidhean ; ach 
bha e ag ràdh gu'n robh e cho math dhoibh a ràdh 
ris gu'n ruigeadh e air a mheòir a chur air a' ghrein, 
sa ràdh ris gabhail ris na geallaidhean, no 'dhochas 
a chur annta ; agus chunnaic e nach robh aige ach 
cridhe gu peacachadh, agus a bha fo lagh a dhiteadh 
e. Thug na nithe so air a bhi smaointeachadh gu 
trie air an leanabh, a thug athair a dh' ionnsuidh 
Chriosd : " Agus am feadh a bha e fathast a teachd, 
thilg an deamhan sios e, agus reub se e, agus thuit 
e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fèin agus 
a' cur cobhair as a bheul." Marc. ix. 20. 

Bha 'n t-as-creideamh a bha ann a cur a 
ghuailnean ris an dorus a chum a chumail a mach, 
agus bheireadh sin air èigheach a mach maille ri 
osnaidhean goirt: — "A dheadh Thighearna bris 
fosgailte e, a Thighearna bris na geatachan umha, 
agus gearr sios na croinn iaruinn I" (Salm cvii. 
16.) Chuireadh na focail ud lasadh sith na chridhe ; 
— " Crioslaichidh mi thu agus tha thu aineolach 
orm!" Isa. xlv. 5. Cha robh e riamh na b' 



BEATHA IAIN BUINIAN. 19 

anmhuinne ann a bhi cur an gniomh peacaidh na 
bha e 's an am sin ; bha 'nis a choguis air fàs goirt, 
cba robh fios aige cia mar a labhradh e le eagal 
gun cuireadh e bhriathran as an àite fèin ; air leis 
gu'n d'f huair se e fein an sin mar ann an suil-chrith, 
agus mar gu'm biodh e air f hàgail ann le Dia, le 
Criosd, agus leis an Spiorad naomh* Thoisich e 
goirid an deigh sin air beachdachadh air truaill- 
eachd a naduir o'n leth a steach, ni a chuir 
àmhghar agus doilghios morair; bha e 'g a f haicinn 
cho gràineil 'na shealladh fèin ri losgun dubh, 
agus air leis gu'n robh e an ni ceudna an làthair 
Dhè; (ars esan) sputadh peacadh agus truailleachd 
as mo chridhe cho nadurra sa bhruchdas uisg' a 
nios à fuaran. 

Air dha mar sin sealladh f haotainn air a thruaill- 
eachd, thuit e ann an eu-dochas, agus bha 'chor ro 
thrioblaideach. Am feadh a bha e mar so, fo 
amhghar le eagal gu'm biodh e air a dhamnadh, 
bha dà ni a bha cur mòr iongantais air, b' e aon 
diù 'n uair a chitheadh e muinntir aosda 'ruith gu 
dian an tòir air nithe nabeatha so, mar gu'm biodh 
iad a dol a bhi beo gu bràth, b' e 'n ni eile 'n uair 
a chitheadh e luchd-aidmheil diadhachd fo thriob- 
laid agus air an leagadh sios, 'n uair a thigeadh 
calldachd nan caramh o'n leth a muigh, seadh mar 
tha call companaich, bean-phosda, na leanabh, agus 
mar sin sios. Thubhairt esan ann fèin air a' mhodh 
so, a Thighearna, nach b' e 'n othail e air son nithe 
feòlmhor ; ma tha iadsan a' deanamh uibhir so do 
shaothair an deigh nithibh na beatha so a ta làthair, 
agus a sileadh a choimhlion deur air an son, ciod, ars 
esan, an truas a bu choir a ghabhail riumsa le guidhe 
as mo leth? Tha m' anam a' bàsachadh, tha 
m'anam 'ga dhìteadh. " Nam biodh m' anam, ars 
esan, ann an cor ceart, agus nam biodh agam-sa 
fios air a sin le dearbhadh. O cia saibhir a mheasàinn 
mi fèin, ged nach biodh agam ach aran is uisge, 



20 BEATHA IAIN BUINIAN. 

agus ghiùlainainn iad sud mar uallaiche beaga : 
'* Ach cò is urrainn spiorad briste a ghiùlan !" 

Mu'n cuairt air mios an deigh sin, air leis gu' 
tàinig stoirm ro mhòr a nuas air, agus bha e fichead 
uair ni bu ghoirt' air na gach ni a thachair air 
roimhe sin; thàinig an ni so air gu'n fhios, an 
toiseach le aon chuid, agus a rithist le cuid eile. 
Air tus bha gach uile cho-f hurtachd a f huair e air 
a thoirt air falbh uaith gu buileach, an sin laidh 
dorchadas eagalach air, beagan an deigh sin, air 
leis gun deachaidh dile, na tuil uamhasach do 
thoibheuman, an aghaidh Dhè, Chriosd, agus nan 
Scriobturean, a dhortadh a steach na inntinn, ni a 
chuir trioblaid agus doilghios mòr air. B'e toradh 
nan smaointean toibheumach so, a bhi dusgadh suas 
inntinn an aghaidh bith Dhè, agus an aghaidh aon 
Mhic a ghràidh; cò-dhiù bha no nach robh le 
dearbh chinnt' da-rireadh Dia na Criosd ann ? agus 
cò-dhiù b' e 'n Sgriobtur facal an Dè naomha, na 
an robh e na sgeula meallta ! 

A nis thòisich e air a bhi smaointeachadh, gu'n 
robh deamhan ann fèin, agus air uairibh shaoileadh 
e gu'n rachadh e ion' 's as a che'ill, oir an àit' a bhi 
inoladh an Tighearna, agus ga ghlòrachadh maille 
ri muinntir eile; 'n uair a chluinneadh e iad a 
labhairt mu thimchioll Dhè, is ann a dh' èireadh 
gu grad toibheum uabhasach suas na chridhe 'na 
aghaidh ; ionnus gu'n d' e'irich na smaointeann so 
'na chridhe, nach robh leithid Dhia ann idir ; mar 
sin cha b'urrainn e gràdh na sith no aigneadh 
gràsmhor 's am bith f haireachduinn 's an leth a 
steach. Mhair am buaireadh so air dlùth air 
bliadhna, cha b' urrainn e 'feitheamh air aon do 
Òrduighean an Tighearna, ach le mòr chàs agus 
àmhghar goirt ; agus 'n uair abhiodh e ag eisdeachd 
an f hocail, bhiodh e ni bu mhò air èigneachadh le 
neo-ghloine, toibheum, agus an-dòchas. An sin 
thigeadh am buaireadair da ionnsuidh mar so, 



BEATHA IAIN BUINIAN. 21 

" Tha thu gu ro dhian ag iarraidh tròcair, ach 
fuarachaidh mise thu ; cha mhair thu do ghnàth 
mar so ; bha iomadh neach cho dian riutsa ann an 
spiorad ach chuir mise as an eud (agus leis a so 
bhiodh an neach ud san neach so a thuit air falbh 
a' teachd na aire.) An sin bhiodh eagal air gu n 
claonadh e air falbh air a' mhodh cheudna ; 
agus theireadh, e gum bu mhath leis gu'n tàinig so 
'n a aire ; oir gu'n deanadh e faire 's gu'm biodh e 
gluasad cho tearuinte *s a dh' f heudadh e, " Ged a 
bhios sin mar sin/' arsa Satan, " bithidh mise 
tuilleadh is seòlta air do shon, fuaraichidh mi thu 
gu'n f hios duit, air mo shocair fèin, a lion beagan 
is beagan, ciod is mo ormsa, ge'd' a bhitheas mi 
seachd bliadhna' fuarachadh do chridhe, ma gheibh 
mi làmh an uachdar ort fa dheireadh ?" Cuiridh 
gnà-thulgan leanabh ciorcanach a chadal. Ged a 
tha thu dian-losgadh aig an am so, gidheadh mas 
urrainn mise spionaidh mi as an teine so thu, agus 
fàgaidh mi fuar thu an dine ghearr." 

Thug na nithe ud e gu teanndachd mhòr, ach 
bha e toirt buidheachas do Iosa Criosd, nach tug 
na nithe ud air stad do ghlaodhaich, ach 's ann a 
chuir se e gu glaodhaich mòran ni bu mhò, coltach 
ris an tè a thachair air an adhaltranach 'sa' mhach- 
air, Deut. xxii. 27. Bha mòran do chùl-taic aige 
fo na buairidhean ud, anns an treas caibidil do dh' 
Ieremiah, anns a' chòigeamh rami do'n chaibidil 
sin, thuirt e fein mar so, ged a labhair mi, agus ge 
do rinn mi nithe cho olc 's a b'urrainn mi, gidheadh 
glaodhaidh mi ri Dia, — " M'Athair is tu treòir m' 
òige;" agus pillidh mi 'ga ionnsuidh. " Ma tha 
Dia leinn cò dh'fheudas a bhi n-ar n-aghaidh ?" 

Air latha àraidh thàinig an Scriobtur so 'n a 
bheachd, — (i Gu'm biodh na h-uile air an deanamh 
rèidh risfe'in trid-san air dha sith dheanamh tre 
fhuil a' chroinn-cheusaidh-san," Col. i. 20. A nis 
bha anam air a threòrachadh le Dia o f hirinn gu 



22 BEATHA IAIN BUINIAN. 

fìrinn! Eadhon o bhreith agus creathall Mhic 
Dhè*, gu's an deachaidh e suas, agus ath-theachd o 
nèamh a thoirt breith air an t-saoghal. 

Ach an deigh dha mòran laithean a chur seachad 
ann an staid thùrsaich, b'e toil an Athar thròcair- 
aich dealradh a steach air 'anam, leis an f hocal 
bheannaichte so, Luc. xiv. 22, 23. " Agus co 
èignich iad gu teachd a steach, chum gu'm bi mo 
thigh air a lìonadh. Gidheadh tha àite falamh ann 
fathast." Thug na focail ma dheireadh so làn 
shòlas dha, agus bha iad 'nan làn fhreagairt do 
chagarsaich Shàtain, nach robh latha nan gràs air 
dol seachad. Bha mòran do bhuairidhean eile air 
iomadh uair, agus air iomadh caochladh aobhair ; 
ach shaor Dia a mach uapa sin uile e, agus fa 
dheireadh, shuidhich e 'chosan ann an ionad far- 
suing, agus lion e anam le aoibhneas agus subh- 
achas. 

Anns a' bhliadhna 1653, bha e air a bhaisteadh, 
agus air a ghabhail a steach na bhall do eaglais 
Bhedford; oir bha làn dearbhadh aca gu'n robh 
gràs an De bheo anns-an, agus gu'n do rinn Dia 
esan urramach agus iomchuidh air son obair na 
ministreileachd ; bha e air iarraidh air gu dùrach- 
dach leis a* cho-thional gun cuireadh e 'n cèill 
dhoibh na tiodhlacan spioradail leis an do bhean- 
naich Dia e ; ghabh e 'n toiseach a lethsgeul gu 
ro mhodhail, a leigeil ris dhoibh, le mòr thuigse, 
'anmhuinneachd agus a neo-iomlanachd ; ach air 
dha bhi air a cho-èigneachadh leo-san ni b' f haide 
chum a dheanamh, dh'aontaich e ris ; ach leis co 
nàrach'sabha e sheachainne an toiseach coinneimhan 
follaiseach, ach fhritheil e gu h-urramach dhoibh 
ann an uaigneas a measg chàirdean ; agus bha e ro 
anabarrach chum an teagasg, gu's nach b'urrainn iad 
gun a bhi toirt moladh do'n Athair thròcaireach 
air son a' mhòr ghràis a bhuilich e air. 

Beagan an deigh so bha cuid do'n cho-thional air 



BEATHA IAIN BUINIAN. 23 

an cur a mach a dh'ionnsuidh na duthcha chum 
teagasg, dh'iarr iad gu'n rachadh Buinian maille 
riù, ni a rinn e gu toileach; agus le dian-iarrtas 
agus ga chomhairleachadh chuir e'n cèill dhoibh na 
tiodhlacan a f huair e, (ach do ghnath gu h-uaig- 
neach,) a measg nan daoine matha far am biodh e ; 
agus bha iadsan, • mar an ceudna, gabhail ris le 
gairdeachas air son na tròcair a nochd Dia dha, 
agus ag aideacheadh an anamaibh a bhi air an 
teagasg leis. Bha e air a dhiteadh aig mod beagan 
an dèigh sin air son a bhi na f hear-tionail agus na 
fhear cumail suas cho-thionalan neo-laghail agus 
coinneamhan aoraidh diomhair, agus air son nach 
gèilleadh e do'n dòigh aoraidh a bha aig an Eaglais 
Shasunnaich ; bha Buinian 'na dhuine aig an robh 
inntinn f hosgailte agus neo-chuibhrichte, agus nach 
folaicheadh e fein chum 's gu'm biodh e air a 
chaomhnadh, gu h-àraidh air son aobhar a mhaigh- 
istir, agus uime sin dh'aidich e gu saor, soilleir, air 
dha bhi aig coinneamh, agus a searmonachadh do'n 
t-sluagh, nach robh esan a dol a ghèilleadh do'n 
dòigh aoraidh a bha air a shuidheachadh anns an 
Eaglais Shasunnaich, ag aideachadh (mar a rinn an 
t-abstol Pòl air thoiseach air) gu'r h-ann air an 
dòigh ris an abair iadsan saobh-chreideamh, a ni 
mise aoradh do Dhia m' athraichean. Ghabh na 
breitheamhna a bhriathran treibhdhireach gu 
bhi aca mar chuis ditidh na aghaidh, agus dhit iad 
e gu bhi air f hògradh rè a bheatha' a chionn gu'n 
do dhiùlt e gèilleadh do'n reachd a rinneadh leis a 
Phàrlamaid 'san am sin, ni air son an do chuireadh 
e ann am priosan a ris ; ged nach robh binn an 
fhògraidh riamh air a cur an gniomh, gidheadh, 
bha e air a chumail ann am priosan fad dà bhliadhna 
dhèug ; a giùlan a' pheanais sin, ann am priosan 
duinte, agus neo-cho-f hurtachail, agus air uairibh 
afulang o luchd-coimhead a'phriosain a bha cruaidh- 
chridheach agus an-iochdmhor 'g a ghiùlan le 



24 BEATHA IAIN BUINIAN. 

foighidinn chriosduidh, agus irioslachd inntinn, agus 
a fòs na mhinistir do Iosa Criosd ; oir 'sea leithid 
so do aobhar a ghabh e os-làimh, agus air son an 
robh e 'fulang. 

Ach ge do bha naimhdean lionmhor a bha air am 
buaireadh thuige sin, gidheadh, bha iad air an 
cumail air an ais le cumhachd na diadhachd o chur 
na binne an gniomh ; oir bha obair eile aig Dia fa 
chomhair ra dheanamh an Sasunn. Agus an uair a 
bha a cheanglaichean agus a phriosnachadh air am 
fuasgladh agus an cur fo smachd le freasdal an Dia 
sin a tha an dà chuid iongantach an comhairle, 
agus a tha oirdheirc an oibre, a tha toirt mòr aire 
chum an soisgeul a chumail air aghaidh ; oir tre 
'{ hulangsan 'sa' phriosan, dhaingnich agus sheulaich 
en f hirinn a shearmonaich e roimhe sin. Is ann 
air dhomh taghal air anns a' phriosan a chunnaic 
mise an toiseach e, agus a f huair mi eòlas air ; agus 
feumaidh mi aideachadh, nach b'urrainn mi gun a 
bhi ag amharc air mar dhuine aig an robh deadh 
spiorad, eudmhor air son onair a mhaighstir, agus 
le mòr aoibhueas ag earbsa uile chuistan fèin ri 
ordugh Dhè\ 'Nuair a bha mise an sin, bha tri- 
fichead ann a thuillidh air san a dhealaich o'n 
Eglais Shasunnaich, a bha air an glacadh beagan 
roimhe sin aig coinneimh ùirnuigh ann an baile da'n 
goirear Kaistoe, ann an siorramachd Bhedford, 
a thuillidh air dà mhinistir a dhealaich o'n Eaglais 
Shasunnaich, 's e sin ri ràdh, Mr Wheeler agus 
Mr Dunn, (oir bha sluagh siorramachd Bhedford 
gu math eolach air an dithis, ged a tha iad o cheann 
fada maille ri Dia, a bha na 'meadhon am priosan 
a bhi air a dhòmhlachadh gu mòr ; gidheadh, ann 
am meadhon gach uile bhuaireas a bha 'n sin, 
chuala mi Buinian a' searmonachadh agus a' dean- 
amh ùrnuigh le cumhachd spioraid a' chreideimh, 
agus mar gu'm biodh e air a chuideachadh le àrd 



BEATHA IAIN BUINIAN. 25 

iomlanachd a' chreidimh dhiadhaidh, ni thug orm 
seasamh agus amharc air le mòr iongnadh. 

Ni mò a rinn e am feadh 's a bha e 'sa phriosan, 
ùine chur seachad air mhodh leisg agus mi chur- 
amach, ni mò dh-ith e aran an diomhanais; oir bha 
mise ann am fhianuis an sin, gu'n d'rinn a làmhan 
seirbhis air a shon fèin, agus air son a theaghlaich ; 
oir 's iomadh cèud dusan do stioman fada a rinn e 
's a dh'fhuaigh e ra chèile, chum an ùine chur 
seachad ; dh'ionnsuich e so 's a' phriosan, ni leis an 
robh e'ga bheathachadh fèin s a theaghlach. 

An sin mar an ceudna ghabh mi beachd air a 
leabhar lann, an t-aon is lugha, agus a mhàin an 
t-aon a b' fhearr a chunnaic mi riamh ; bha e air 
a dheanamh suas le dà leabhar, am Bioball, agus 
leabhar mam martarach. Agus co fada sa bha e's 
a' phriosan, (o na labhair mi mu 'leabhar lann) 
sgriobh e iomadh leabhar luachmhor agus feumail ; 
gu h-araidh am Baile naomh, Turus a' Chriosd- 
uidh, agus Gràs am pailteas do cheann-feadhna 
nam peacach ; maille ri iomadh aon eile. Cha'n 
fheud mi an ceann so fhàgail, s e sin a phriosnach- 
adh,gus an leig mi ris do'n leughadair cuid da fhèin- 
f hiosrachadh an sin ; chuir e 'n cèill nach robh inn- 
tinn riamh cho fosgailte, fad a bheatha, gu bhi 
lèirsinn agus a tuigsinn focal Dhè, 's a' bha e aig 
an am sin. Na sgriobturean anns nach robh e faicinn 
ni 'sam bith roimhe sin, air leis 'n uair a bha 
e 's a' phriosan gu'n robh iad a dealradh air. Cha 
robh Iosa Criosd, mar an ceudna, riamh cho cinnt- 
each agus cho soilleir dha 's a bha e aig an am ud ; 
oir an sin, ars' esan, chunnaic mi e, agus mhothaich 
mi e gu f irinneach. 

Pead. ii. 16. Oir cha do lean sinne faoin-sgeulach- 
dan a dhealbhadh gu h-innleachdach, agus bha am 
focal sin na f hocal beannaichte dhàsan an sin ; bha 
e air uairibh air a ghiùlan co àrd osceaun gach uile 
eagal agus buaire gu 's an robh e air a dheanamh 



26 BEATHA IAIN BCiftlAiw 

comasach air gàire dheanadh ri sgrios, agus gu'n 
eagal air aon chuid roi 'n each na mharcaiche. 
Is ann an sin, a thug Dia dha na seallaidhean caoimh- 
neil agus luachmhor air maitheanas air son a pheac- 
aidhean, agus gu'm biodh e le Iosa ann an saoghal 
eile. Seadh, is ann an sin, a mhothaich e, gu'n 
robh Dia a seasamh dlùth dha, aig gach uile buair- 
eadh, agus a' cronachadh a* bhuaireadair. Ach air 
son sin uile dheth, bha fios aige gu'n robh e na 
dhuine a bha air a chuartachadh le anmhuinneachd- 
an, agus gu'n robh curam air, air son a mhnaoi- 
phòsta agus a chuid cloinne, agus bhiodh so an 
drast 's a rithist a tighinn fainear dha, ni nan deal- 
aichte uatha e a bhiodh dha mar gu'm biodh fheoil 
air a reubadh bharr a chnamhaibh ; (oir bha e na 
f hear a bha gràdhach agus caoimhneil, agus na athair 
bàigheil ; math a dh' f heudte a bha na ni-èigin, do 
choire,) agus gach iomadh cruaidh chàs agusuireas- 
bhuidh, a bha coltach ri tachairt air a theaghlach 
bochd, nam biodh e air a thoirt air falbh uapa ; 
bha so a tighinn gu trie na inntinn, gu h-àraidh a 
nighean a bha dall a bha ni b' f haisge d'a chridhe 
na each gu leir. " A leinibh bhochd, ars' esan, ciod 
am bròn a tha coltach a bhi agad mar chrannchur 
anns an t-saoghal so ! feumaidh tu a bhi air do bhual- 
adh, deirc iarruidh, acras, fuachd, a bhi lom-nochd, 
agus mile truaighe fhulang, ged nach fuiling mis' 
an dràst do 'n ghaoith sèideadh ort. Ach air dhomh 
mo smaointean a ghairm air an ais, thuirt mi, 
feumaidh mi 'ur n-earbsa gu leir ri Dia, ged a 
bhitheasa bhi g' ar fàgail mar shaighead a doltroimh 
m' fheòil. O ! chunnaic mi ann's a' chor ud, gu'n 
robh mi mar dhuine a bhaspionadh anuasathighe 
air ceann a mhnà agus a chloinne, gidheadh, arsa 
mise, feumaidh mi dheanamh, agus an sin chuimh- 
nich mi air an dà mhart bainne a bha gu aire Dhè 
a' ghiùlan gu duthaich eile, agus a bha ra 'n laoigh 
fhàgail as an deigh, 1 Sam. vi. 10. 



BEATHA IAIN BUINIAN. 27 

Ach mhothaich e gu 'n robh Dia gràsmhor dha, 
eadhon anns an ni so gu h-àraidh, 'g a chuideachadh 
gu mòr leis an dà sgriobtur so. ler. xlix. 1 1 , agus 
caib. xv. 11. "Fàg do dhilleachdain, gleidhidh 
mise beò iad ; agus cuireadh do bhantraichean an 
dòchas annam-sa. Thubhairt an Tighearna, gu 
cinnteach èiridh gu maith do t-iarmad ; gu cinn- 
teach bheir mi air an nàmhaid bhi bàigheil riut ann 
an am na h-airc', agus ann an am a' chruaidh- 
chàis." An deigh do 'n duine so bhi dà bhliadhna 
dheug gu leth 'na phriosanach air son a bhi dearbh- 
adh deadh choguis, agus a cur a naimhdean nan 
tosd le a naomhachd neo-choireach, agus a shean- 
achas neo-lochdach ; bha e, r&r toil Dè a chuir ann 
an cridbe Dhoctair Barlo, Easbuig Lincoln, a bhi 
na mheadhon a chur fa-sgaoil. 

An deigh dha faotainn fa-sgaoil, bha e gu trie 
ag amharc air ais air gach tearnadh a chaidh 
seachad, agus a moladh Dhè ; 'na measg bha cuid 
a bha anabarrach comharraichte ; agus cha robh a 
h-aon diù ni bu mhò nan t-aon so a tha mi dòl a 
chur an cèill ; air dha bhi na shaighdear anns an 
arm aig seisdeadh Leicester, anns a bhliadhna 1645, 
bha e air a ghairm a mach gu seasamh air freicead- 
an ach bha òganach anns a' chuideachd, agus dh' 
asluich e air leigeil leis fein dol a chum an f hreic- 
eadain air a shon, dh-aontaich Buinian ri so, agus 
dh' f halbh am fear eile gu toilichte ; agus air seas- 
amh dha air freiceadan an sin, chaidh a thilgeil 
troi'n cheann le peilleir o ghunna, agus dh'eug e. 

Bha an gniomh ma dheireadh a rinn e anns a 
'bheatha so na obair ghràdhaich, chaoimhneil; bha 
duin-uasal òg ann a chuir fearg air 'athair, agus 
bha'n t-òganach fo mhòr thrioblaid air a shon, do 
bhrigh gun cuala e gun robh 'athair dol a thoirt 
seachad nah-oighreachd bu dligheach dha do neach 
eile, air son an easaontais a thàinig eatorra ; shòn- 
ruich an t-òganach Iain Buinian, chum gu'n rach- 



BEATHA IAIN BUINIAN. 



adh e chum reite dheanamh ra athair, agus ghabh 
Buinian sin os-laimh gu toileach, agus dh' f halbh e 
far an robh athair an òganaich, agus ghnàthaich e 
a leithid do reusonachadh druidhteach an aghaidh 
feirg agus corruich, agus a sparradh air an duine 
a bhi bàigheil agus seirceil ra mhac fèin, agus reite 
dheanamh ris, ionnus gu'n d'rinn an t-athair reite 
ris a mhac gu seirceil, gràdhach. 

'Nuair a shocruich Buinian gach ni a ghabh e 
os-laimh ; agus air dha bhi dol air ais do Lunnuinn, 
bha 'n aimsir ro fhliuch, le frasan troma fad an 
rathaid, agus thàinig e gu chairtealan anabarrach 
fliuch, fuar, agus dh' f has e gu tinn le fiabhrus trom 
agus ainneartach fo'n d' f huiling e le mòr f hoighid- 
inn, 'g a thoirt fèin suas gu toill an Tighearna, a' 
Jabhairt mar nach biodh e 'g iarraidh ni s am bith 
ach caochladh, agus a bhi maille ri Criosd ; agus 
air dha bhi faicinn gu'n robh aneart 'g a threigsinn, 
shocruich e inntinn agus a ghnothaichean cho 
math 's a cheadaich an ùine dha, le foighidinn 
Chriosduidh, agus liubhair e suas 'anam ann an 
làmhan Fhir-saoraidh ghrasmhoir, a' buanachadh 
air aghaidh' na eilthireach o Bhaile an lèir-sgrios, 
chum an Ierusaleim neamhaidh; bha 'anam do 
ghnàth, ri naomh smaointeachadh, agus a 'plosgart- 
aich an dèidh air a' mhana fholaichte, agus air 
uisge na beatha. Dh'eug e ann an Lunnuinn air 
an latha ma dheireadh do cheud mhios an fhogh- 
araidh 's a bhliadhna 1688, an deigh tinneas 
dheich làithean; aig aois thri fichead bliadhna; 
agus chaidh a thiodhlacadh 's a' bhaile sin, far am 
bi e na chadal gu maduinn na h-aiseiridh, a 'feith- 
eamh ri dùsgadh glòrmhor, chum neo-bhàsmhorachd 
neo-thruaillidh ; far nach cuir trioblaid no bròn 
doilghios air ni 's mo, agus far am bi na h-uile 
deur air an siabadh air falbh o 'shùilean, 'n uair a 
bhitheas na f ireanaich air an aonadh ra chèile mar 
bhuill do Chriosd an t-àrd cheannard, agus a 



BEATHA IAIN BUINIAN. 29 

rioghaicheas iad maille ris mar rigliribh agus maT 
shagartaibh, gu siorruidh. 



GEARR CHUNNTAS AIR MR BUINIAN 
AGUS A MHINISTREILEACHD. 

Mar mhinisteir an t-soisgeil, bha e araon cumh- 
achdach, agus urramach, agus b' urrainn da labhairt 
air sheol ro dhruidhteach ris an luchd-eisdeachd a 
bh' aige. Chaidh cuibhrionn mhòr do ghràs an 
t-soisgeil a bhuileachadh air anaui fèin, agus tha e 
coltach gur h-ann chum an aobhair sin a ghairm 
Dia e, o bhi na pheacach gràineil, agus na dhuine 
bochd neo-fhoghluimte, chum tuigsinn nor sheadh 
agus diomhaireachd an t-soisgeil, air chor 's gu'm 
b' urrainn da labhairt ri anamaibh dhaoine eile le 
cumhachd agus gràs, chum an soisgeul a mhineach- 
adh mar rinn na h-abstoil o shean. Mar sin bhuilich 
Dia mòr ghràs air a 5 pheacach mhòr so, agus thionn- 
daidh Dia e gu bhi na sheirbhiseach urramach 
ann an obair an t-soisgeil, agus a sparradh a dh 
ionnsuidh an fhogharaidh, a bha cho feumail ; 
agus mar sin, gu n cheist, bu choir dhuinn a bhi 
curamach chum a shaothair a chumail air chuimhne. 

Air do Dhia an duine so chur a dh'ionnsuidh an 
fhogharaidh, tha so ag innseadh dhuinn gu soilleir 
nach eil Dia do ghnàth ag iarruidh gum biodh a 
mhinisteirean air an cumadh 's air an ulluchadh le 
foghlum is freasdal dhaoine an t-saoghail, ach gu 
bheil e fèin comasach le a ghràs air ministeirean 
cumhachdach a thogail suas mar a bha na h-abstoil 
iomadh ceud bliadhna roimhe so. 

Is iomadh mile a fhuair buannachd anama, agus 
co-fhurtachd o a theagasg, mar gu'm beanadh 
aingeal na abstol ra'n anamaibh le eibhleig do 
theine naomh o'n altair. Bha na tiodhlac luach- 



30 BEATHA IAIN BUINIAN. 

mhor so do ghràs Dhè* bha anns-an, agus an labh- 
airt a bh' aige cur iongantais air a naiinhdean a 
chluinneadh uime, (mar a tha air a ràdb gu coit- 
chionn) gun robb e gun fhoghlum, is nach robh 
sgoil aige. Air son gach uile ni a chaidh ainmeach- 
adh roimhe so, air co spioradail sa theagaisgeadb e, 
is airidh oibribh a tha sgriobhte 'bhi air an gleidh- 
eadh, co math ri sgriobhadh aon duine eile a sgriobh 
o linn nan abstoil. 

Os barr, bha e na Chriosduidh a dh'fhuiling os- 
ceann da bhliadhna dheug ann am priosan, ni leis 
an do chuir e seula ris an fhirinn a chuir e 'n cèill. 

Gidheadh, ged' a bha e air a chumail ùine mhòr 
ann am priosan, shearmonaich e an iomadh àite an 
deigh sin air feadh na duthcha., mar sheirbhiseach 
dileas do Chriosd, agus air son slàinte do anamaibh. 

Agus cha robh e na dhuine a shearmonaich air 
son airgid, oir dhiult e teachd a steach a bu mhò, 
agus roghnaich e fuireach far an robh e. 

Agus bha stuamachd (na iarrtas air son airgid) 
mar a bha cleachduinn an abstoil Phoil, ni b' isle 
na bha cead aige, is mar sin 'n uair a dh'eug e cha 
d' fhàg e moran stòrais aig a theaghlach. 

Agus ma dheireadh, gach ni a tha ri bhi air a 
thoirt fainear, se sin a mhi-naomhachd air tùs, a 
bhochduinn, a neo-f hoghluimteachd, mailleramhòr 
ghnothuichean nadurra, an t-atharrachadh mòr a 
rinneadh air le gràs, agus co fada 's a bha e 's a' 
phriosan, agus an fhoirfeachd mhòr air an d' 
rainig e, tha mise ag ràdh nach d' fhàg Buinian 
nach maireann an Sasunn, no anns an t-saoghal a 
leithid eile as a dhèigh f had is aithne dhomh-sa ; 
agus is e so barail neo-chealgach, 

Bhur Brathar Criosduidh, 

TEARLACH DOE. 



BEATHA IAIN BUINIAN. 31 



COLTAS IAIN BHUINIAN. 



Shaoilte o choltas a ghrmise gun robh e do nadur 
gruamach neo-chaoimhneil, ach bha e ciùin agus 
suairce na chòmhradh, gun a bhi buailteach do 
mhòran bruidhnena conaltraidh am measg dhaoine; 
mur biodh fior aobhar aige air a shon ; a toirt en 
aire do ghnàth nach deanadh e uaill as fein, agus 
ag amharc iosal 'na shealladh fein, ga leigeil fein fo 
bhreitheanas dhaoine eile, a seachnadh bhreug agus 
mhionnan le mòr ghràin; a cumail ra fhocal cho 
dlùth 's a b'urrainn e, dèidheil air reite, agus air 
sith ; agus a bhi ann an càirdeas ris gach uile dhaoine. 
Bha 'shuil geur furachair, 's bha bhreithneachadh 
ro thuigseach, agus ullamh na f hreagairt ; agus air 
uairaibh, na dheadh f hear-cuideachd. Bha e àrd 
na phearsa, ged nach robh e dòmhail, bha rud eigin 
do ruiteachd 'na ghnùis, 's bha shuilean dealrach, 
le teusag fhada air a bheul uachdair, mar bu nòs 
do na seana Bhreatannaich, bha f halt ruadh, ach 
na laithean deireannach bha e air a mheasgadh le 
ròineagan Hatha ; bha a shron direach gu'n a bhi àrd 
na crom, a bheul rud-èigin mòr^ a bhathais rud-èigin 
àrd, agus a thrusgan do sheorsa neo-riomhach. 
Mar so thug sinn seachad sgeul gu neo-chlaon- 
bhreitheach air a leth-a-steach, agus air a leth-a- 
mach ; bu duine e bha air ionndrainn gu mòr, agus 
air a chaoidh aig am a bhàis, duine nach robh air a 
sheideadh suas le saoibhreas, na air thilgeil sios le 
bochduinn ach, do ghnàth a gabhail an t-saoghail 
mar a thigeadh e, gu taingeil toilichte. 



32 BEATIIA IAIN BUINIAN. 

Dh'fhàgBuinian bean agus teaghlach 'n a dheigh ; 
bha ise beo gus a' bhliadhna 1692. Bha cuignear 
chloinne aige, chaochail Mairi, an nigheann dall 
roimhe fèin: bha cearar eile aim, Iain, Ioseph, 
Tomas, agus Mòr. Reic Iain, am mac bu shine, an 
leabhran beag, feumail so, ris an duine a chuir an 
clòdh e a' cheud uair, anns a' bhliadhna 1698. 

Bha Buinian beo tri fichead bliadhna, agus 
sgriobh e tri fichead leabhar ; bha mòran diubh sin 
nach robh air an clòdh-bhualadh aig am a bhàis ; 
ach an dèigh sin chaidh an cruinneachadh r'a' chèile, 
's an cur an clòdh, ann an dà leabhar mòr. 

Tha iad sin measail, priseil, anns a' Bheurla. 
Tha, a nis, deich, no dusan do leabhraichean 
Bhuinian anns a' Ghaelig; agus tha meas mor orra 
aig na daoine a thuigeas a* chanain sin.